‘S e rud gu math pearsanta a tha anns a’ chàirdeas a tha againn leis an aodach a tha sinn a’ caitheamh. Mar chàirdeas sam bith, gheibh e buannachd bho bheachdan is tuigse chuideigin anns a bheil earbsa agad.

Tha Sandra a’ toirt seachad seirbheis ‘concierge’. Tha i a’ tabhann a cuid eòlais, a tuigse is a fèin-fhiosrachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil iarrtasan gach neach a thaobh stoidhle air an coileanadh.

Tha an t-seirbheis seo ag amas gu sònraichte air seinneadairean opara is luchd-ciùil de gach seòrsa – daoine a tha gu cunbhalach an làthair aig tachartasan mòra agus a tha ag iarraidh aodach a tha na shamhla air an sgil is an tàlant aca.

Tha an t-seirbheis seo freagarrach do dhaoine a tha gann de thìde. Thig Sandra thugad is faodaidh tu comhairle fhaighinn bhuaipe is an t-aodach fheuchainn ort nad dhachaigh fhèin no ann an àite sam bith a fhreagras ort. Tha an t-seirbheis seo a’ còmhdach a h-uile rud. Mar eisimpleir, gheibh thu stiùireadh cuideachd mu rudan a thèid leis an aodach.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh agus airson cothrom coinneachaidh a chur air dòigh, cuir fios gu Sandra air 01463 220091.