Slèibhtean. Ceò ga shuaineadh fhèin mun cuairt chumaidhean is oirean. Dath is faireachadh. Aon-dathach, neo-ghleansach, an gleans a tha air fhàgail leis an uisge. Chan eil dealbh-tìre na h-Alba dìreach ag èaladh a-steach don obair aig Sandra ach tha e aig cridhe a cuid obrach.

Cruaidh ri mìn, solas ri faileas, amh ri grinn. Socair, a’ gluasad, carach – raon a tha ag atharrachadh fad an t-siubhail ach tha Sandra dòigheil gu leòr le sin.

Sreath air muin sreatha, tha cumadh ga chur air an obair aice. Rud nach atharraich le tìm a’ dol le rud ùr, co-aimisireil: rud a bha ann bho riamh a’ dol le rud coimheach, rud teignigeach a’ dol le rud mothachail. Dìreach mar a tha an Clò Hearach air a bhith air fhighe le na ginealaichean, tha an obair aig Sandra a’ fighe sgeulachd dha fhèin. Clò Hearach, lios às an Fhraing, organsa sìoda às an Eadailt – ‘s e mar a thèid an cur an luib a chèile a tha a’ cunntadh. Tha iad ag obair le chèile is bho chèile. Tha clòimh, mar a thuigear, aig cridhe ghnothaichean. Tha e blàth is a’ toirt cofhurtachd, tha e mìn ach seasaidh e , socair ach làidir. ‘S e stuth a th’ann a tha a’ freagairt air làmhan sgileil Sandra is air faireachdainnean an neach a tha ga chaitheamh. Tha an nì corporra a’ dol leis an nì spioradail.

Mealabhaid, lios, clòimh, tulle, chiffon, anart is clò. Sròl, cotan, brocatelle, taifeid, matelasse is organsa. Cò chanadh gun dèanadh am measgachadh aodaich seo a leithid de chiall?