• Ris a’ chladach

    Ann an co-obrachadh cruthachail air leth, chruthaich Sandra trusganan iongantach do Julie Fowlis, an seinneadair Gàidhlig cliùiteach, is seo airson nuair nochdadh i air ‘a’ bhrat-urlar dhearg’. Sheinn Julie ann am Brave, am film as ùire aig Disney Pixar, is nochd i aig ciad shealladh an fhilm ann an Hollywood, san Roinn Eorpa agus an Inbhir Nis. Air sgàth sin, chunnacas na h-ìomhaighean leis na milleanan.

    Ann an sreath-dhealbh a’ gabhail a-steach sàr bhòidhchead na Gàidhealtachd, thog Iain Swannell, an neach-togail-dhealbh Rìoghail, dealbhan de Julie aig Caisteal Allt Dobharaidh air bruaichean Loch Nis. ‘S e Luke Walton, Stiùiriche Ealain Rainbow Room Eadar-Nàiseanta Ghlaschu, a bha an urra ri falt is maise-gnùis Julie is ‘s i Sandra a chuir snas is loinn air gach trusgan. ‘S iad Comunn na Gàidhlig a bha nan luchd-urrais air a’ ghnothach.

    Chuir Sandra ris a’ cho-obrachadh is rinn i dreasa ann an tartan USA St Andrews a chuir Julie oirre aig cuirm crìochnachaidh Cupa Ryder an Chicago an 2012.

    Às dèidh sin, chùm Sandra sàr chlasaichean san stiùidio aice do sgoilearan a tha dol tro Fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Sna clasaichean, bhruidhinn Julie is Sandra ri sgoilearan bhon Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.