Cruthachadh. Sin a tha neach-ealain a’ dèanamh. Aig an ìre as àirde den sgil sin tha haute couture. Tha e faireachail, sònraichte is dùbhlanach. Tha e ga chur fhèin air leth bhon àbhaist. Sin far a bheil àite aig Sandra Mhoireach dhi fhèin a-mhàin.

Gu cinnteach, cha ghabh sgaradh a dhèanamh eadar obair an neach-ealain is pearsantachd an neach sin. Mar sin, tha an nì a chruthaichear le Sandra Mhoireach a’ gabhail a-steach na feartan sin a tha mar phàirt dhen neach a chruthaich e : fillte, air leth, fìor ach le suathadh de dhibhearsain.

‘S iad peantairean, bàird, luchd-togail dhealbh is luchd-ciùil a co-inbhich – dhaibh sin tha a bhith a’ cur an cèill am beachdan, an smaointean, am faireachdainnean mar bhrìgh am beatha. Tha peant aig a’ pheantair, pongan-ciùil aig an neach-ciùil, facail aig a’ bhàrd is tha aodach aig Sandra. Tha i ga dhealbh, a’ cur cruth air, a’ cur beatha ann tro a macmeanmain fhèin, troimpe fhèin. Tha i a’ cur beatha ann an ealain.

Tha a h-uile neach-ealain miannach air a’ chanabhas bhàn – an t-àite às am bheil thu a’ tòiseachadh gun chàil ach do mhacmeanmain. Seo far am bheil Sandra a’ tòiseachadh leis a h-uile càil a tha i a’ cruthachadh. Tha oidhirp ealanta, mothachadh Albannach is coileanachadh teignigeach uile còmhla, aig a’ cheann thall, a’ samhlachadh cò rinn an rud.

Couturier air leth, le inbhe eadar-nàiseanta.