Tha an sgeulachd agam a’ tòiseachadh ann an 1951 sa cheann as fhaide tuath de dh’Innse Gall – àite ris an canar Port Nis ann an Eilean Leòdhais. Bha m’athair ri togail bhàtaichean – is tha fhathast – is bha mo mhàthair a’ ruith gnìomhachas obair-fighe. Bha a’ mhuir, obair-ceàirde, còcaireachd is snàth, nithean a tha fuaighte ri beatha nan Eileanach, mar phàirt dhem bheatha bho aois glè òg.

Bha dachaigh shona againn. Cha robh telebhisean againn is bha sinn a’ dèanamh ar cur-seachadan fhèin – a’ cluich a-muigh air ar n-èideadh ann am fèilidhean is geansaidhean a chaidh an dèanamh le laimh aig an taigh.

Chaidh mi gu Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 1970. Bha na h-òraidichean agam a’ teagasg mu Mhichaelangelo is Rembrandt ach bha mise air mo bheò-ghlacadh le uinneagan bhùithtean – mo cheann làn de Zandra Rhodes, Jean Muir is an leithid bho na seasgadan a’ sealltainn dhuinn mar a ghabhadh rud dèanamh ‘s gun eagal aca ro dhuine.

An dèidh sin, ghluais mi dhan Ghàidhealtachd, a dh’Inbhir Nis. An sin, bha mi nam dhealbhaiche-aodaich / nam chouturier / nam neach-ceàirde a’ gabhail choimiseanan bho dhaoine. Bha mi a’ sireadh slighe dhomh fhèin, ag ionnsachadh ‘s ag ionnsachadh fad an t-siubhail. ‘S e bha gam iomain an gràdh a th’agam air fuaigheal le laimh, an gràdh air measgachaidhean de dhathan breagha is aodaichean sònraichte. Tha iad sin uile a’ toirt aodaich a-steach gu raon eile.

Chuir mi seachad an ath thrithead bliadhna a’ fuaigheal le laimh aodaich a nithear an aon uair a-mhàin. Bha mi ag obair le aodach fighte sònraichte à Alba, às an Roinn Eòrpa is à iomadh dùthaich eile. Bha sanasachd ga dhèanamh le facal beòil is bha luchd-ceannach dìleas a’ tighinn chun an dorais agam.

Tha na ceithir bliadhna mu dheireadh air mo chuid obrach a thoirt gu àitean cho fada air falbh ri New York is Tokyo. Tha mi air a bhith an sàs ann an taisbeanaidhean, coimiseanan, co-obrachadh, tachartasan is duaisean, sàr-chlasaichean, ann an taisbeanaidhean fhasanan, prògram aithriseach air T.bh. agus, nas tràithe air a’ bhliadhna seo, chaidh urram MBE a bhuileachadh orm airson seirbheis do dh’fhasan ‘s do dh’aodach Alba. Tha sin gar toirt suas chun an latha an-diugh. Uill, ann an dòigh, tha is chan eil oir a-màireach thig smuaintean ùra, dùbhlain ùra is dealbhaidhean ùra. Bidh nithean rin dèanamh, bidh beachd-smuaintean rim feuchainn a-mach ‘s bidh fillidhean de dh’aodach rin cur còmhla. ‘S e sgeulachd a th’ann de fhèin-fhiosrachadh, de bhith mothachail ‘s de mhacmeanmna, sgeulachd air nach eil crioch.