• Dreasa an riochd maighdinn-mhara

    Tha an dreasa seo dhutsa ma ‘s toil leat eireachdas

    • dreasa caol teann, fosgailte air a’ chùl
    • earrann sa mheadhan air an aghaidh de organsa neo-dhathach is lios
    • earrann aig na cliathaichean de jersey viscose
    • an cùl de mhealabhaid

    Nithear dhut e mar dhreasa bainnse no mar dhreasa airson tachartas feasgair nad roghainn fhèin de dh’aodach às an tasglann aig Sandra fhèin

    Air a shealltainn ann an organsa neo-dhathach, tulle Frangach air dhath òr is dubh, jersey neo-ghleansach Eadailteach is mealabhaid sìoda le coilear ‘halter’ is cearcaill bheaga copair air