‘S e aodach a nithear an aon uair a-mhàin a rinn ainm do Sandra. Thàinig i gu couture le bhith a’ cruthachadh le laimh le tàillearachd snasail, aodach a rinneadh an aon uair a-mhàin. Bha na sgilean ceàirde is an t-sùil chinnteach aice a’ cur taic ris an fhaireachdainn ealanta aig couture. Ràinig Sandra fìor inbhe ann an 1999 nuair chaidh iarraidh oirre a’ Bhanrigh èideadh airson Fosgladh Pàrlamaid na h-Alba

Co-dhiù tha i a’ dèanamh dreasa airson bàl, no dreasa ann an riochd còta no an sàs ann am bainnsean far an dealbhaich is far an dèan i an t-aodach is cuideachd far an cuir i dreach air an tachartas gu lèir, tha Sandra a’ coimhead air aodach a nithear aon uair a-mhàin mar chàirdeas dlùth trì-shligheach eadar i fhèin, an neach a tha ag iarraidh an aodaich is an t-aodach fhèin. Tha a’ chùis a’ tòiseachadh leis a’ chiad choinneachadh ris an neach a tha a’ dol a chaitheamh an aodaich. Feumar tìde airson tomhas, tìde airson bruadar, an sruth bho ‘m bheil a h-uile rud eile a’ sruthadh. Tha an ro-dheasachadh seo na shamhla air sònrachas mhaireannach an nì a chruthaichear le Sandra

‘S e obair comhairleachaidh taobh eile de dh’obair Sandra. Bidh i a’ tabhann a h-ealantas do chuid de na h-ainmean as cudromaiche ann an saoghal an fhasain, a’ tabhann comhairle air dath, aodach fighte, stoidhle is iomhaigh. Seo cuid den obair bhuadhach sam bheil i air a bhith an sàs bho chionn ghoirid :

Dà thaisbeanadh eadar-nàiseanta ann an comann ri Leasachadh Alba Eadar-Nàiseanta – aon aig SAKS ann an New York agus am fear eile ann an Tokyo far an do rinn i sàr-chlas air a’ Chlò Hearach

Cur air bhog tartan ùr le Coimisean Filmichean Gàidhealtachd is Eileanan Alba aig Fèis Filmichean Cannes. An luib seo, chaidh iarraidh oirre aodach a chruthachadh a chaidh a thaisbeanadh mar phàirt den tachartais

A’ taisbeanadh obair dealbhachaidh ann an aodach fighte Albannach aig a’ Mhetropolitan Club ann an New York gus Urras Nàiseanta na h-Alba a chomharrachadh

A’ taisbeanadh aodaich aig Seachdain an Fhasain ann an Lunnainn mar phàirt de thaisbeanadh air aodach fighte Albannach